Main content

Tar-sgrìobhadh: Smuain na Maidne

Shona Nic a’ Phiocair

Shona: Leugh mi leabhar o chionn ghoirid a sgrìobh dithis charaidean a chur eòlas air a chèile is aonan dhiubh a’ fulang le aillse. ’S e tiotal an leabhair, “Just Show Up,” agus ’s e fèin-sgeulachd a th’ ann ag innse mun dòigh anns an do dhèilig dithis charaidean, na teaghlaichean aca, agus a’ choimhearsnachd ann an Colorado, Ameireagaidh leis an tinneas seo. ’S e cunntas onarach a th’ ann, le Kara, an caraid a bha a' fulang le aillse a’ sgrìobhadh an ro-ràdh.

Tha i a’ toirt dealbh air mar a bha cùisean doirbh dhaibh mar theaghlach – gu h-àraidh le ceathrar chloinne. Dh’fheumadh iad feitheamh agus an uair sin, dèiligeadh le buille bho gach droch naidheachd a fhuair iad. Dhèanadh an leigheas chemo cùisean nas dorra cuideachd – agus le teaghlach a’ fàs agus duine a bha ag obair làn-ùine, cha robh ùine ann airson stad agus a bhith dìomhain. Ach tha Kara ag ràdh gun d’ fhuair i neart is toileachas ann a bhith a’ fosgladh an doras is cuideigin ag ràdh, “Tha mi seo – dè nì mi dhut?” no “Chan eil na freagairtean agam – ach tha mi airson èisteachd riut.”

Aig amannan eile, mhothaich an teaghlach nach robh cuid fiù ’s a’ faighneachd – chuidicheadh iad an teaghlach gun fhuaim no othail.