Main content

Tar-sgrìobhadh: A' Mire ri Mòir

Mòrag Dhòmhnallach

Mòrag: Agus tha e coltach an rannsachadh a tha iad air dèanamh ann an Aimeireagaidh ann a sin – rannsachadh mionaideach air cadal agus air pàtrain a’ chadail againn ann a sin, a’ sealltainn ma tha adhbhar math agad airson a bhith beò mar gum biodh – airson èirigh – g’ eil thu faighinn cadal nas fheàrr; ma tha fhios agad g’ eil adhbhar math agad airson rudeigin a dhèanamh an ath latha ann a sin – rudeigin, no tòrr a’ tachairt na do bheatha ann a sin, g’ eil thu faighinn cadal nas fheàrr.

Agus cuideachd, gu bheil deagh chadal a’ ciallachadh gu bheil do shlàinte, do bhodhaig, air fad nas fheàrr. Agus tha e coltach, tha an treas cuid de dhaoine anns an dùthaich seo, a’ cadal airson nas lugha na sia uairean an oidhche ann an sin, agus gu bheil na h-uiread a’ tachairt ’s dòcha, eadar coimpiutairean agus fònaichean agus a' dol air tablet (rud a tha mi fhìn uabhasach buailteach mu dheidhinn), agus tha sin, fhios agad, a’ ciallachadh gu bheil sinn a’ coimhead air solas soilleir, agus tha sin ag atharrachadh pàtrain a’ chadail againn ann a sin.

Agus cuideachd, ma tha thu ag òl cus, ma tha thu a’ gabhail tuilleadh ’s a chòrr de dheochanan anns a bheil siùcar, ma tha thu ro reamhar, ma tha thu a' smocadh, mur eil thu a' dèanamh gu leòr, mur a bheil thu ag eacarsaich d’ inntinn, ma tha thu a' fulang le trioblaidean aig d’ obair, ma tha thu ag obrachadh sioftaichean agus ma tha thu a’ siubhal fada gu obair – tha e coltach gu bheil sin uileag a’ toirt buaidh air do chadal ann a sin, an dòigh a tha thu a' cadal.