Main content

Tar-sgrìobhadh: Còmhradh Ciùil

Ally Beag MacLeòid a’ còmhradh ri Eòghann MacEanraig

Eòghann MacEanraig: Bha sibh ag ràdh gu robh sibh ag iasgach, is gu robh sibh a’ dol a phàigheadh airson...

Ally Beag MacLeòid: Bha, bha mi ag obair fad an t-samhraidh airson sin, airson a’ bhogsa. Agus cha robh sgillinn agam air fhàgail an dèidh record player agus record no dhà a cheannach. Ach by jove, bha mise coma.

Eòghann: Bha sibh toilichte.

Ally Beag: Bha, bha mi toilichte. Bha mi air mo dhòigh ainneamh leis a’ bhogsa. H-uile latha bha mi ga chluich. Fad an latha, fad a’ gheamhraidh. Ach cha robh rathad eile airson port ionnsachdainn ach ... wireless no record no rudeigin.

An fheadhainn cuide ris an robh mi ag iasgach, nuair a cheannaich mi 'm bogsa, mar a thuirt mi, cha robh sgillinn agam air fhàgail, agus thuirt ar athair leam, “Tha thusa às do chiall! Cheannaicheadh Jim taigh airson sin!”

Cheannaich a mhac taigh airson ceithir fichead not! Ach phàigh mis’ ninety six airson an accordion ud. Agus thuirt mi, “Och I don’t care, you can’t play a house!”