Main content

Tar-sgrìobhadh: Cluas ri Claisneachd

Le Ali ‘Buidhe’ MacCoinnich

Ali: A-rèiste, bhrist’ an cogadh a-mach is chaidh mo challaigeadh air falbh. Ach, thàinig mi dhachaigh a-rèiste, is ’s e geamaireachd a bha na, ’s e sin an rud dheth a bha nam inntinn …. a dhèanamh. Is shìn mi air dol a dh’àiteigin son na seusan. Bha mi an Leitir Iù is thall rathad Ulapul, is bha mi a’ dol dhiofar àite a h-uile bliadhna. Bha thu ag ionnsachadh mòran bho na seann gheamairean eile is rudan mar sin.

Bha mi bliadhnaichean ann an Geàrrloch an seo fhèin mus deach mi ann na mo gheamair, agus chaidh mi ann na mo gheamair o chionn fhada cuideachd, ann a naoi ceud deug is dà fhichead ’s a sia. Shin an obair a bh’ agam a-rèiste, bha mi sin riamh gus an do sgur mi a dh’obair.

Cailean MacIlleathain: Ciamar a dh’ionnsaich sibh ur dreuchd mar gheamair?

Ali: Bha m’ athair ris an obair, ri iasgach is ri gilleachd is ri mònadh. Bha e dìreach annam, bha e ann gu nàdarrach cha chreid mi. ’S e a b’ fheàrr leam a dhèanamh na rud sam bith eile. ’S e obair chruaidh a bh’ ann ach nuair a bha an inntinn agad dha, cha robh thu ga shaoilsinn cho dona.