Main content

Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst

Bha Sidney, an chauffeur, a’ feitheamh gu foighidneach ris aig bonn nan steapaichean. Dh’fhosgail e doras-cùil an Rolls dha, “An Caledonian an e?”

Chrath Slim a cheann, “Chan e a-nochd, An Athenaeum.”

B' i an club aig 9 Sràid Halkin gu 'm biodh e a’ dol tric agus e pròiseil gum b’ ann à Alba a bha aon de shinnsirean, ach a-nochd b’ ann san Athenaeum, aon de na clubaichean a b’ ainmeile ann an Lunainn, a bha sùil ris. O thùs, bha an club airson daoine a bha air ainm a dhèanamh dhaibh fhèin ann an saidheans, litreachas agus na h-ealain. Ach uaireannan ma bha airgead gu leòr aig duine agus e air seirbheis phoblach a dhèanamh, cha dhiùltadh iad ballrachd dha. B’ e an t-airgead a-mhàin a thug an t-urram sin dha Slim.

Cha tug iad fada a’ siubhal à Cranleigh a Lunainn sìos air an M25 agus a-steach meadhan a’ bhaile gu Pall Mall far a bheil an togalach eireachdail, an Athenaeum. Sguab an Rolls suas gu ruige an doras Doric ann an Ionad Waterloo.

Nuair a chaidh e a-steach dhan Chlub, cha robh e uabhasach trang, ach cha robh e ach tràth fhathast. Dh’òrdaich e uisge-beatha le deigh agus shuidh e leis fhèin ann an aon dhe na cathraichean cofhurtail leis an robh an t-àite air a bhreacadh. Thog e Financial Times agus bha e air chall air a chùlaibh nuair a dhùisg an guth àrd, cridheil e.

“Well, well, By Jove, mura a h-e Mgr Fairly a th’ ann.”