Main content

Tar-sgrìobhadh: Thuige Seo

Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh le Màiri Bremner

[Dòmhnall] Tha mi cinnteach gur e gun deach sibh air a’ Chòmhairle, as coireach gu bheil sibh nur suidhe an seo, as coireach gu bheil sibh cho ainmeil ’s a tha sibh.

[Màiri] Saoil a-nist’ a bheil sin ceart?

[Dòmhnall] A bheil sibh a’ dèanamh dheth gum biodh sibh ainmeil co-dhiù?

[Màiri] ’S dòcha gun robh mi air a bhith ainmeil co-dhiù!

[Dòmhnall] Ach, a dhol air a’ Chòmhairle, thug sin farsaingeachd dhuibh nach robh agaibh, ’s nach biodh air a bhith agaibh às aonais, tha mi cinnteach.

[Màiri] Thug le cinnt, agus a-rithist thug e mi air feadh iomadach àite agus choinnich mi ri iomadach duine. ’S dòcha nach robh mi air coinneachadh riutha. ’S dòcha gun robh mi air rud air choreigin eile a dhèanamh lem bheatha ach mar a thachair agus mar a chuir mi seachad a’ mhòr-chuid dhem bheatha, tha mi gu math toilichte gur ann mar sin a rinn mi e.

[Dòmhnall] Uill, ’s e beatha thrang a th’ air a bhith ann, agaibh air a’ chomhairle agus ann an rudan eile cuideachd agus thig sinn gu cuid dhen sin. Ach thòisich a’ bheatha thrang sin gu math tràth ann an Uibhist ’s uallach gu leòr na chòis, nach do thòisich?

[Màiri] Thòisich, cha robh mi ach ochd bliadhna nuair a dh’fhalbh mo mhàthair agus bha piuthar bheag agam, bha i seachd mìosan, is dh’fhàs i tinn agus dh’fhalbh mo mhàthair leatha. A-nist’, bha ochd mìosan deug às a dheaghaidh sinach bho nach fhaca sinn ar màthair. ’S bha ceathrar bhràithrean agam aig an àm a bha sinach agus bha mi mar gum bitheadh a’ coimhead as an dèidh. Bha cuideachadh anns an taigh aig an àm, ach na dheaghaidh sinach, bha tòrr uallach ormsa mar an duine a bu shine anns an teaghlach a bhith a’ coimhead as an deaghaidh.

[Dòmhnall] Is bha sibh gu math òg,

[Màiri] Cha robh mi ach mu ochd bliadhna.

[Dòmhnall] Anns na bliadhnaichean às dèidh sin, nuair a dh’fhàs sibh suas, bha sibh fhèin air a’ cheann thall os cionn obair shòisealta anns Na h-Eileanan Siar. Nise, nam biodh sibh air aithisg fhaighinn mu dheidhinn nighean, deich bliadhna a dh’aois, no ochd bliadhna a’ dh’aois air an robh an t-uallach sin, bhiodh sibh air gnothach a ghabhail rithe, tha mi cinnteach.

[Màiri] Bhitheadh anns an t-saoghal a th’ ann an-diugh, ach anns an latha a bha sinach, bha sinn air ar togail gu bhith ag obair agus cha robh sìon eile againne ach a bhith ag obair, ’s cha robh eòlas againne air sìon eile, ’s bha a h-uile duine a bh’ ann ag obair. Is gu seachd àraid, bha e dualtach dhan duine a bu shine anns an teaghlach a bhith ag obair agus a’ cuideachadh anns an dachaigh.

[Dòmhnall] Teaghlach mòr, cia mheud a bha anns a teaghlach?

[Màiri] Bha dà dhuine dheug anns an teaghlach againn ach mar a thuirt mi riut, bhàsaich mo phiuthar nuair nach robh i ach seachd mìosan. Agus o chionn dà bhliadhna air ais, bhàsaich bràthair eile dhomh, cha robh e fhèin ach gu math òg, ach tha deichnear againne ann fhathast.

[Dòmhnall] Dèan dealbh dhomh air an t-seòrsa coimhearsnachd ann an Uibhist a Deas, dè am bad do dh'Uibhist a Deas às an robh sibh?

[Màiri] Gèirinis.

[Dòmhnall] Is dè seòrsa àite a bha sin?

[Màiri] Baile le fichead taigh. Bha sinn uile eòlach air a chèile. Bha a h-uile duine aig an àm a bha sinach, bha iad a’ cuideachadh càch a chèile. Bhitheadh a’ dol a-mach anns a’ bhaile cuideachd aig amannan is rudan mar sin a’ tachairt. Ach, ’s e saoghal socair a bh’ ann ann an aon dòigh, saoghal a tha gu tur eadar-dhealaichte on saoghal a th’ ann an-diugh. Cha robh solas againn, cha robh uisge againn. Bhithinnsa a’ tarraing an uisge dhachaigh às an tobar. Cha robh sìon dhe na goireasan a th’ agad an-diugh ann.

[Dòmhnall] Cha robh sin furasta, nighean deich bliadhna a dh’aois, a’ cumail chàich glan, tha mi cinnteach?

[Màiri] Cha robh, agus ’s e fiù ’s tuba a bh’ ann airson a bhith a’ nighe a h-uile duine agus tuba a bh’ ann cuideachd airson dèanamh na nigheadaireachd agus aig amannan, bhitheamaid a’ dol gu taobh an locha is a’ togail teine beag aig taobh an locha agus a’ dèanamh tòrr nigheadaireachd an sinach as t-samhradh. Lem chuimhne-sa, chanainn gu bheil na samhraidhean a bh’ ann nas fheàrr na na samhraidhean a th’ air a bhith againne a-nise a thaobh sìde 's sin. Ach ’s e latha, mòr, mòr, mòr a bh’ ann, mu dhà no trì lathaichean mòra a bh’ ann, nuair a bha thu a’ dol chun an locha agus a’ dèanamh na nigheadaireachd. Ach bha a’ bheatha cho diofraichte. Bha sinn a’ bleoghainn nam beathaichean, bha mi a’ bleoghainn bheathaichean nuair a bha mi beag agus ag obair air a’ chroit, air feur ’s air arbhair, is a leithid sin còmhla rim bhràthair.

[Dòmhnall] An t-Ionnsachadh Òg dha-rìribh.