Main content

Tar-sgrìobhadh: Leugh an Leabhar

Darren Laing ag innse mu leabhar a tha e an dùil a leughadh ann an 2017

Mark: Dè na leabhraichean a bha sinn riamh airson an leughadh ach nach deach againn air? ’S dòcha gu bheil leabhar agad a thog thu uair is uair nach do chuir thu crìoch air fhathast. No ’s dòcha gu bheil thu a’ faireachdainn gu bheil a h-uile duine ach thu fhèin air leabhar cliùiteach air choireigin a leughadh. Dh’iarr mi air luchd-naidheachd a’ phrògraim telebhisean Eòrpa beachdachadh air a’ cheist – agus an seo, cluinnidh sibh Darren Laing.

Darren: An leabhar a bu toil leam a leughadh agus nach do leugh mi riamh, ’s e Crime and Punishment le Fyodor Dostoevsky ’s tha beagan de sgeulachd air a chùlaibh. Seòrsa de sgeulachd co-dhiù. Tha mi an-còmhnaidh ga thoirt leam air làithean-saora no ma tha mi dheth ’s a’ dol a dh’àite sam bith le mo bhean. Agus tha mi ’n-còmhnaidh miannachadh a leughadh, tha mi an-còmhnaidh ag ràdh gum feuch mi ri bhith leughadh.

ACH tha mi an-còmhnaidh a’ toiseachadh air, a’ leughadh uibhir seo dheth ’s an uair sin stad agus a’ faighinn rudeigin nas ... ’s dòcha nas inntinniche no nas tarraingiche son a dhèanamh aig an àm sin fhèin agus mar sin, tha mi air a’ chiad phàirt dheth, an crime a leughadh, chan eil fhios a’m cia mheud trup, ach cha do leugh mi riamh am punishment fhathast, so tha mi a’ smaoineachadh airson nach bi mo bhean air a leamhachadh cus leam ann an dà mhìle sa seachd-deug gum feuch mi co-dhiù ri Crime and Punishment a leughadh.