Main content

Tar-sgrìobhadh: Am Pìobaire Uilleam Labhraidh

Griogair Labhraidh a’ bruidhinn mu bheatha Uilleam Labhraidh nuair a bha e òg

Griogair: Uill cha b’ e a’ chiad phìobaire a bha san teaghlach. Aig an àm a bha sin, cha robh mòran airgead a cheannaicheadh pìob. ’S mar sin fhèin, tha mise na bheachd nach robh pìob san teaghlach. Ach bha ceòl na pìoba san teaghlach. An canntaireachd, agus na h-òrain is mar sin. Cha robh an t-airgead aca airson pìob a cheannach.

Bha saoghal cho cruaidh aca, bha iad ag obair sa chreig a-bhos am Baile Chaolais. Ach ’s e rinn iad, bha iad a’ toirt an ceòl sìos bho athair gu mac. Bho ghlùin gu glùin. Le canntaireachd is le òrain. Is chaidh Uilleam a thogail leis an dìleab a tha sin.

’S e dualchas uaraidh fhèin domhainn a bha a’ ruith san teaghlach air aon uair. Ach bha sin air fhalb’ (falbh) a-mach às an teaghlach mun do rugadh mise, leis an dìth-fhoghlaim a fhuair sinn, ro na sgoiltean ’s mar sin, fhios agad? Ach ’s e a’ Ghàidhlig a fhuair Uilleam. Bha Gàidhlig aig a h-uile duine ann am Baile Chaolais dar (nuair) a rugadh esan. Is gann gum biodh e air mòran de Bheurla a thogail dar a bha e na ghiollan.