Main content

Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst

Ma bha am Morair ag iarraidh sgread a chur air Slim, cha do chuir. ’S ann a bha e a’ fàs na bu dèidheile agus na bu dèidheile air a’ chlaigeann mar bu mhotha a chluinneadh e mu dheidhinn.

Chuir am Merr sgraing air. “Agus, by Jove, a bheil fhios agad an rud as deamhnaidh buileach... tha, an daoimean a th’ anns a’ mhaoil...”

“Seadh,” arsa Slim, “dè tha ceàrr air?”

Cha mhòr nach robh am Morair a’ tachdadh air an deoch. “Ceàrr air! A dhuine bhochd, chosg an daoimean ud còrr is trì millean not. An creideadh tu e? Leth-cheud carat agus ga stopadh ann an claigeann gun fheum.”

Cha tuirt Slim guth airson tiotan. Mu dheireadh thionndaidh e ris a’ Mhorair agus thuirt e, “Tha mi dol ga cheannach.”

Cha b’ urrainn dha Merr bruidhinn airson greis. Dh’fhàs aodann dearg. Thàinig crith na làimh.

Lean Slim air. “Glèidhidh e a luach. Bidh e mar dealbh le Van Gogh, thèid an luach suas agus suas.”

Thàinig na facail thachdte a-mach bhon fhear eile. “A bheil fhios agad dè na tha iad ag ràdh a chosgas e...”

“Siuthad, innis dhomh,” arsa Slim.

“Leth-cheud millean not.”

Cha tàinig fiamh de dh’anshocair air aodann an fhir bheartaich. “Tha mi dol ga cheannach,” ars e fhèin, “’s e bargan a th’ ann.”

B’ ann mar sin a chrìochnaich an còmhradh. Bha am Morair air fhàgail gun fhacal ’s gun fhios aige an ann a’ tarraing às a bha am fear eile, no an robh e dha-rìribh a’ dol a thilgeil fortan air an t-sitig.

Ach cha b’ ann a’ tarraing às a bha Jon Fairly idir.