Main content

Tar-sgrìobhadh: A’ Mire ri Mòir

Mairead Nic Illinnein

Na Seonaidhean ma-thà, Seonaidh Mac an t-Saoir agus Seon Ailig cuideachd, is an Kerry Reel agus Och Is Duine Truagh Mi, agus chuir siud deagh thoiseach tòiseachaidh, saoilidh mi fhèin co-dhiù air Mire air an Diciadain a tha seo.

Tha i tais againn an-diugh ann an Inbhir Nis – uisge mìn, mìn. Tha i blàth, ach uisge mìn, mìn, ach tha dìreach beagan eadar-dhealachadh a’ tighinn air an t-sìde, beagan briseadh a’ tighinn air an t-sìde. Chuir mi uisge air na dìthein a th’ air fhàgail dhiubh cò-dhiù a-raoir, air na poitean ’s air na rudan a bha fàs a bha feumach air beagan uisge – ’s dè thachair an uair sin? Thàinig an t-uisge tron oidhche. Agus tha i air a bhith dol, tha mi a’ smaoineachadh, fad na h-oidhche, dìreach, cha mhòr gum fairich thu e, dìreach, an t-uisge, gum faigh thu sealladh ort fhèin dol seachad an uinneig no ann an sgàthan ’s tuigidh tu ’n uair sin gu bheil an t-uisge mìn a tha sin ga do fhliuchadh ach chan eil thu ga fhaireachdainn.

Ach tha i a' dol a thogail orra, tha e coltach agus nì sinn sogan an sin.