Main content

Tar-sgrìobhadh: Aileag

Isabelle Bain (bhon t-sreath Albannaich Ainmeil)

Isabelle: Rugadh David Livingstone ann an 1813 ann am baile beag air a bheil Blantyre, faisg air Glaschu. ’S e aon de na rannsachairean as ainmeil a th’ ann. B ’e Crìosdaidhean a bh’ ann am pàrantan David agus mus robh e fichead bliadhna a dh’aois, bha e air inntinn a dhèanamh an àirde a bheatha a chur seachad ag innse mun t-Soisgeul ann an dùthchannan fad às. Dh’ionnsaich e a bhith na dhotair cuideachd airson ’s gum b’ urrainn dha daoine a chuideachadh fhad ’s a bha e ag innse dhaibh mun Bhìoball. Cheumhnaich e aig aois fichead ’s a seachd agus bha e a’ faireachdainn deiseil airson tòiseachadh air obair.

Ann an 1840, sheòl David Livingstone a dh’Afraga airson an t-Soisgeul a sgaoileadh ann am pàirtean dhen dùthaich nach robh daoine air an rannsachadh. Air an t-slighe dhan dùthaich, bha e air bòrd soitheach fad trì mìosan agus, anns an àm sin, dh’ionnsaich e mar a chleachdadh e quadrant, rud a bhiodh seòladairean a’ cleachdadh gus lorg fhaighinn air càit’ dìreach an robh iad aig muir. Air sgàth seo, b’ urrainn dha mapaichean a dheànamh dha àiteachan ann an Afraga far nach robh duine geal sam bith a-riamh roimhe.

Stèidhich e stèisean mission ann an Mabotsa a-measg treubhan Afraga ann an 1842. Às dèidh dha a bhith a’ fuireach leis fhèin airson dà bhliadhna, phòs Livingstone Mary, nighean caraid leis Dr Moffat, agus bha sianar chloinne aca. Às dèidh greis, bha e fhèin agus a bhean airson gluasad nas fhaide tuath far nach robh na h-Afraganaich air cluinntinn mu Dhia. Ann an 1847, thog iad stèisean ùr, ochdad mìle nas fhaide tuath na bha iad ron a sin.

A thuilleadh air a bhith a’ sgaoileadh Soisgeul Dhè, bhiodh e cuideachd a’ feuchainn ri leigheasan fhaighinn airson daoine a bha tinn. Air sgàth ’s gun robh dragh aige mun deidhinn agus gun robh e gan slànachadh, bha fiù ’s na nàiseantaich a’ cur an earbs’ ann.

A bharrachd air a bhith a’ searmonachadh agus a’ leigheas dhaoine, chuir Livingstone an t-uamhas tìde seachad a’ rannsachadh. Dà bhliadhna às dèidh dha taigh a thogail, chaidh e air a’ chiad turas gu tuath, ceudan de mhìltean air falbh. Rannsaich e iomadh àite às dèidh seo, agus b’ e a’ chiad duine geal a chunnaic Victoria Falls, eas a dh’ainmich e fhèin às dèidh Banrigh Bhreatainn aig an àm, Queen Victoria.