Main content

Blasad Beag – Episode 31: Ciamar a tha thu?

Halò! Fàilt' oirbh air ais gu Blasad Beag.

Ann am prògram bho chionn ghoirid, thug sinn sùil air mar a fhreagras sinn a’ cheist, ‘Ciamar a tha thu? In a previous Blasad Beag, we looked at how you would answer the question, ‘How are you?’

Cuimhnichibh, remember, that if you want to be polite, or if you’re addressing somebody older, you would say, Ciamar a tha sibh? Ciamar a tha sibh?

Ach a bheil cuimhne agaibh mar a fhreagras sibh a’ cheist? Do you remember how to answer the question?

Èistibh ris a’ chòmhradh seo. Listen to this conversation:

GUTH 2 (Calum): Hallo Eilidh, Ciamar a tha thu?
GUTH 1 (Eilidh): Tha mi gu math a Chaluim, ciamar a tha thu fhèin?
GUTH 2 (Calum): Chan eil mi gu math, tha eagal orm.

Calum asked Eilidh how she was, ’Ciamar a tha thu?’ ’Ciamar a tha thu?’ To which she replied, ’Tha mi gu math a Chaluim, ciamar a tha thu fhèin?’ I’m well Calum, how are you? But Calum answered; ‘Chan eil gu math, tha eagal orm.’ I’m not well I’m afraid. ‘Chan eil gu math, tha eagal orm.’

We’ve also looked at reasons why you might not be well in a previous series. Ach, ciamar a fhreagras sibh a’ cheist ma tha sibh gu math? Dè na dòighean eile a th’ ann air ‘Tha mi gu math,’ a ràdh?

But, how would you answer the question if you were well? We’ve learned “tha gu math”, “tha gu math” but what other ways are there to say, ‘I’m well’?

Nach toir sinn sùil air eisimpleir no dhà. Let’s have a look at some examples.

Ann an deagh shunnd. I’m in good form. Ann an deagh shunnd.

Tha mi gu frogail. I’m lively, or I’m full of beans! Tha mi gu frogail.

Tha mi air mo dhòigh. I’m delighted, I’m over the moon. Tha mi air mo dhòigh.

Tha mi sona. I’m content. Tha mi sona.

Tha mi toilichte. I’m happy. Tha mi toilichte.

Ach an dùil ciamar a tha Calum agus Eilidh a’ faireachdainn an-diugh? How are Calum and Eilidh feeling today?

Èistibh ris a’ chòmhradh seo. Listen to this conversation.

GUTH 2 (Calum): Hallo Eilidh, Ciamar a tha thu?
GUTH 1 (Eilidh): Tha mi ann an deagh shunnd a Chaluim! Ciamar a tha thu fhèin?
GUTH 2 (Calum): Tha mi air mo dhòigh, fhuair mi ticeadan airson consairt Runrig.
GUTH 1 (Eilidh): Glè mhath, bidh oidhche mhòr agaibh!

When asked how she was, Eilidh said; ‘Tha mi ann an deagh shunnd.’ I’m in good form. ‘Tha mi ann an deagh shunnd.’ Eilidh then asked Calum how he was. To which he replied, ‘Tha mi air mo dhòigh.’ I’m delighted. ‘Tha mi air mo dhòigh.’ And Eilidh said ‘Glè mhath’ Very good. ”Bidh oidhche mhòr agaibh!” You’ll have a great night! ‘Glè mhath, bidh oidhche mhòr agaibh!’ Very good, you’ll have a great night!

Agus sin e bhuamsa an-dràsta. That’s it from me. Agus tha mi’n dòchas gu bheil sibhse ann an deagh shunnd is sibh ag eìsteachd ri Beag air Bheag! To learn some more simple Gaelic phrases, have a look at the website and go to the Beginners section, or download the LearnGaelic Beginners App! And make sure you listen to the next episode of Beag air Bheag. Ach an-dràsta, beannachd leibh!