Main content

Blasad Beag – Episode 35: Obair-taighe

Halò agus fàilte oirbh gu Blasad Beag. Welcome to Blasad Beag – our feature for beginners and everyone who wants to learn some useful, everyday Gaelic phrases.

Anns an leasan seo, tha sinn gu bhith a’ toirt sùil air obair a dhèanadh tu timcheall an taighe. In this lesson we’re going to look at tasks you might carry out around the home.

An toiseach, ainmearan feumail. We’ll start off with a few useful nouns:
Làr. Floor. Làr.
Uinneag. Window. Uinneag.
Nigheadaireachd. Laundry. Nigheadaireachd.
Soitheachan. Dishes. Soitheachan.

Agus gnìomhairean feumail. Here are a few useful verbs:

A’ dèanamh. Doing. A’ dèanamh.
A’ nighe. Washing. A’ nighe.
A’ glanadh. Cleaning. A’ glanadh.
A’ sguabadh. Sweeping. A’ sguabadh.
Ag iarnaigeadh. Ironing. Ag iarnaigeadh.

Now let’s have a look at how you might put some of these verbs and nouns together:

A’ dèanamh na nigheadaireachd. Doing the laundry. A’ dèanamh na nigheadaireachd.
A’ nighe nan soitheachan. Washing the dishes. A’ nighe nan soitheachan.
A’ glanadh nan uinneagan. Cleaning the windows. A’ glanadh nan uinneagan.
A’ sguabadh an làir. Sweeping the floor. A’ sguabadh an làir.

Nise, airson innse mu rud a rinn thu, faodaidh tu an abairt, “bha mi” a chleachdadh. Bha mi. To talk about something you’ve done or were doing, you could use the phrase, “bha mi”. Bha mi a’ nithe nan soitheachan. Bha mi ag iarnaigeadh. Bha mi...

Ach an dùil dè bha Calum agus Eilidh a’ dèanamh an-diugh? Listen to the following conversation and see if you can work out what Calum and Eilidh were doing today.

Guth 1 (Calum): Halò Eilidh, an robh thu trang an-diugh?
Guth 2 (Eilidh): Is mi a bha! Bha mi a’ glanadh nan uinneagan agus a’ sguabadh an làir. Dè bha thu fhèin ris?
Guth 1 (Calum): Bha mi a’ dèanamh na nigheadaireachd agus ag iarnaigeadh.

Calum asked Eilidh if she had been busy today. “An robh thu trang an-diugh?” Were you busy today? Trang. Busy. Trang.
Eilidh answered, “Is mi a bha!” I certainly was! Is mi a bha!
But what was Eilidh doing? “Bha mi a’ glanadh nan uinneagan agus a’ sguabadh an làir.” I was cleaning the windows and sweeping the floor. Bha mi a’ glanadh nan uinneagan agus a’ sguabadh an làir.

Eilidh then went on to ask Calum what he had been up to. “Dè bha thu fhèin ris?” What were you up to? Dè bha thu fhèin ris? And Calum replied, “Bha mi a’ dèanamh na nigheadaireachd agus ag iarnaigeadh.” I was doing the laundry and ironing. Bha mi a’ dèanamh na nigheadaireachd agus ag iarnaigeadh.

Uill, sin e bhuamsa an-dràsta – tha mi a’ falbh a dh’iarnaigeadh! To learn some more simple Gaelic phrases, have a look at the website and check out the Beginners section, or download the LearnGaelic Beginners App! Tìoraidh an-dràsta!